| Chapter 3 |
1 |
Is chaidh e stigh a-rithist dhan t-sinagog, agus bha fear an sin aig an robh lamh sheargte. -
|
2 |
Agus bha suil aca air, fiach an dianadh e leigheas air latha sabaid; los cuis dhitidh fhaighinn `na aghaidh. -
|
3 |
Agus thuirt e ris an duine aig an robh an lamh sheargte: Seas suas sa mhiadhon. -
|
4 |
Is thuirt e riutha: A bheil e laghail math a dhianamh air na laithean sabaid, no olc? beatha a thiarnadh, no cur as dhi? Ach bha iadsan `nan tosd. -
|
5 |
`S ag amharc orra mun cuairt le feirg `s le duilichinn air son doille an cridhe, thuirt e ris an duine: Sin a mach do lamh. Agus shin e i: is rinneadh slan a lamh dha. -
|
6 |
`S na Phairisich a dol a mach, ghabh iad comhairle san uair cuide ris na Herodianich na aghaidh, fiach ciamar a chuireadh iad as dha. -
|
7 |
Ach chaidh Iosa maille ri dheisciopuil a lethtaobh thun na mara; agus lean moran sluaigh e bho Ghalile `s bho Iudea, -
|
8 |
Agus bho lerusalem, agus bho Idumea, `S bho thaobh thall Iordain; is iadsan mu thimchioll Thiruis agus Shidoin, cuideachda mhor, `s iad air cluinntinn nan nithean a rinn e, thainig iad ga ionnsuidh. -
|
9 |
Agus thuirt e ri dheisciopuil, bata beag a bhith ga fhreasdal as leth an sluaigh, eagal gun domhlaicheadh iad e. -
|
10 |
Oir leighis e moran, air chor `s gun do bhruchd iad ga ionnsuidh gu beantuinn dha, a mhiad `sa bha easlainteach. -
|
11 |
`S nuair a chunnaic na spioraid neoghlan e, thuit iad sios air a bhialaobh: agus dheigh iad, ag radh: -
|
12 |
Is tusa Mac Dhe. Is mhaoith e gu fuathasach orra, gun iad ga dhianamh follaiseach. -
|
13 |
`Sa dol suas gu beinn, ghairm e h-uige an fheadhainn a b` aill leis fhein; agus thainig iad ga ionnsuidh. -
|
14 |
Agus roghnaich e gum biodh da fhear dhiag maille ris; agus gun cuireadh e a theagasg iad. -
|
15 |
Is thug e comas dhaibh tinneasan a leigheas, agus deomhain a thilgeadh a mach. -
|
16 |
Agus thug e Peadar mar ainm air Simon: -
|
17 |
Agus Seumas Shebede, agus Eoin, brathair Sheumais, is thug e Boanerges mar ainm orra, se sin, mic an tairneanaich: -
|
18 |
Agus Anndra, agus Philip, agus Bartholome, agus Matu, agus Tomas, agus Seumas Alpheuis, agus Thadeus, agus Simon, an Cananeach, -
|
19 |
Agus Iudas Iscariot, esan mar an ciadna a bhrath e. -
|
20 |
Is thainig iad gu tigh; agus chruinnich an sluagh a rithist, air chor `s nach b urrainn dhaibh urad agus aran ithe. -
|
21 |
S nuair a chuala a chairdean so, chaidh iad a bhreith air; oir thuirt iad: Gun do ghabh e an caothach. -
|
22 |
Is thuirt na Sgriobhaich, a thainig a nuas a Ierusalem: Tha Beelsebub aige, `s gur ann le prionnsa nan deomhan a tha e tilgeadh a mach dheomhan. -
|
23 |
`S an deigh an gairm ri cheile, thuirt e riutha ann an dubhfhacail: Ciamar is urrainn Satan Satan a thilgeadh a mach? -
|
24 |
Agus ma bhios rioghachd air a roinn na h-aghaidh fhein, chan urrainn dhan rioghachd sin seasamh. -
|
26 |
Agus ma bhios tigh air a roinn `na aghaidh fhein, chan urrainn dhan tigh sin seasamh. -
|
26 |
`S ma tha Satan air eirigh `na aghaidh fhein, tha e roinnte, `s chan urrainn dha seasamh, ach tha crioch air. -
|
27 |
Chan urrainn do neach sam bith a dhol a stigh do thigh duine laidir, agus airneas a spuilleadh, mur ceangal e an toiseach an duine laidir, agus an sin creachaidh e a thigh. -
|
28 |
Gu firinneach tha mi ag radh ribh, gum mathar do chlann-daoine a h-uile peacadh, agus na blaisbheuman leis an toir iad toibheum: -
|
29 |
Ach esan a their blaisbheum an aghaidh an Spioraid Naoimh, chan fhaigh e mathanas a chaoidh, ach bithidh e ciontach am peacadh siorruidh. -
|
30 |
Chionn gun robh iad ag radh: Tha spiorad neoghlan aige. -
|
31 |
Is thainig a mhathair `sa bhraithrean; `s nan seasamh a muigh, chuir iad ga shireadh. -
|
32 |
Agus bha an sluagh nan suidhe mun cuairt air; is thuirt iad ris: Faic tha do mhathair `s do bhraithrean a muigh gad iarraidh. -
|
33 |
Agus gam freagairt thuirt e: Co i mo mhathair, agus co iad mo bhraithrean? -
|
34 |
`S ag amharc mun cuairt orrasan, a bha `nan suidhe mu thimcheall, thuirt e: Seall mo mhathair, agus mo bhraithrean. -
|
35 |
Oir is esan, a ni toil Dhe, mo bhrathair, agus mo phiuthar, agus mo mhathair. -
|