| Chapter 6 |
1 |
Is dh`fhalbh e as a sin, agus chaidh e gu dhuthaich fhein; is lean a dheisciopuil e; -
|
2 |
Agus nuair thainig an t-sabaid, thoisich e ri teagasg san t-sinagog; is ghabh moran a bha ga eisdeachd ioghnadh ri theagag ag radh: Co as an tainig na tha aig an duine so? agus de an gliocas a tha air a thoirt dha: `s na gniomhan cho euchdail, a th` air an dianamh le lamhan? -
|
3 |
Nach e so an saor, mac Moire, brathair Sheumais, is Ioseiph, is Iuda, is Shimoin? nach eil a pheathraichean an so maille ruinn? Agus ghabh iad sgainneal as. -
|
4 |
Is thuirt Iosa riutha: Chan eil faidh gun onair ach `na dhuthaich fhein, agus `na thigh fhein, `s am measg a chairdean fhein. -
|
5 |
Agus cha burrainn dha miarailt sam bith a dhianamh an sin, ach a mhain gun do leighis e beagan de dhaoine tinne le a lamhan a leagail orra; -
|
6 |
Is ghabh e ioghnadh rin cion creidimh, agus dh` imich e feadh nam bailtean mun cuairt a teagasg. -
|
7 |
Agus ghairm e na dha dhiag: is thoisich e air an cur air falbh lion dithis is dithis, agus thug e cumhachd dhaibh thairis air spioradan neoghlan. -
|
8 |
Is dh`aithn e orra gun dad a thoirt leo air an rathad, ach bata a mhain: gun mhala, gun aran, gun airgiod `nan sporan, -
|
9 |
Ach cuarain air a chasan, `s gun da chota a chur orra. -
|
10 |
Is thuirt e riutha: Ge be aite san teid sibh a stigh do thigh, fanaibh ann, gus am falbh sibh as a sin. -
|
11 |
Agus aite sam bith nach gabh ribh, `s nach eisd ribh, a falbh as a sin, crathaibh an duslach dher casan mar fhianais `nan aghaidh. -
|
12 |
`Sa gabhail a mach, shearmonaich iad gun fheumar aithreachas a dheanamh. -
|
13 |
Agus thilg iad a mach moran dheomhan, is dh` ung iad le ola moran dhaoine tinne, agus leighis iad iad. -
|
14 |
Agus chuala righ Herod (Oir rinneadh `ainm Iosa follaiseach), is thuirt e: Dh` eirich Eoin Baistidh bho na mairbh: `s air an aobhar sin tha feartan gan oibreachadh leis. -
|
15 |
Ach thuirt feadhainn eile: Se Elias a th` ann. Is thuirt cuid eile: Se faidh th` ann, mar aon de na faidhean a bh`ann bho shean. -
|
16 |
Air do Herod so a chluinntinn, thuirt e: Se Eoin, dhen tug mise an ceann, a th` ann, dh` eirich e bho na mairbh. -
|
17 |
Oir chuir Herod fhein a mach is ghlac e Eoin, agus cheangal e am priosan e as leth Herodiais, bean a bhrathar Philip, chionn gun do phos e i. -
|
18 |
Oir thuirt Eoin ri Herod: Chan eil e laghail dhut bean do bhrathar a bhith agad. -
|
19 |
Agus bha Herodias le droch run na aghaidh, agus bha toil aice a mharbhadh, ach cha b` urrainn dhi. -
|
20 |
Oir bha eagal aig Herod roimh Eoin, a tuigsinn gun robh e `na dhuine ceart agus naomh: agus ghleidh e sabhailte e, agus air dha eisdeachd ris, bhiodh e fo iomagain, ach dh` eisdeadh e ris gu toileach. -
|
21 |
Agus nuair a thainig latha freagrach, rinn Herod suipeir, airson latha bhreith, do dh` uaislean, `s do cheannardan, `s do mhaithean Ghalile. -
|
22 |
`S nuair a thainig nighean Herodiais so a stigh, `sa dhanns i, `sa thaitinn i ri Herod, agus riuthasan a bha aig bord comhla ris, thuirt an righ ris a chailin: iarr orm nas aill leat, is bheir mi dhut e: -
|
23 |
Agus mhionnaich e dhi: Ge be ni a dhiarras tu bheir mi dhut e, ged a b`e leth mo rioghachd. -
|
24 |
Nuair chaidh i mach, thuirt i ri mathair: De a dh` iarras mi? ach thuirt ise: Ceann Eoin Baistidh. -
|
25 |
`S air dhi tighinn a stigh le cabhaig san uair thun an righ, dh` iarr i, ag radh: Is aill leam gun toir thu dhomh san uair ceann Eoin Baiste air meis. -
|
26 |
Agus bha `n righ ro-dhuilich: ach as leth a mhionnan, s air son na feadhnach a bh` aig bord maille ris, cha b` aill leis miothlachd a chur oirre: -
|
27 |
`Sa cur sleagh-fhear bhuaithe, dh` orduich e a cheann a thoirt a stigh air meis. Is thug e an ceann dheth sa phriosan, -
|
28 |
Agus thug e leis a cheann air meis, `s thug e don chailin e; agus thug a chailin dha mathair e. -
|
29 |
Nuair chuala a dheisciopuil so, thainig iad, `s thug iad leo a chorp, agus chuir iad ann an uaigh e. -
|
30 |
Is chruinnich na h-ostail gu Iosa, agus dh` innis iad dha a h-uile ni, a bha iad air dianamh, `s air teagasg. -
|
31 |
Is thuirt e riutha: Thigibh a lethtaobh gu aite fas, agus leigibh ur n-anail airson beagan uine. Oir bha iad lionor an fheadhainn a bha tighinn `sa dol; agus cha robh uine aca air biadh fhein a ghabhail. -
|
32 |
`Sa gabhail a stigh do bhata, chaidh iad a lethtaobh gu aite fas. -
|
33 |
Agus chunnacas iad a falbh, `s bha fios aig moran air; sa falbh air an cois as na bailtean uile, ruith iad an sin, agus bha iad rompa. -
|
34 |
`Sa dol air tir, chunnaic Iosa sluagh mor: agus ghabh e truas riutha, a chionn gun robh iad mar chaoraich gun bhuachaille, agus thoisich e ri moran a theagasg dhaibh. -
|
35 |
Agus nuair a bha nis a mhor chuid dhan latha seachad, thainig a dheisciopuil ga ionnsuidh, ag radh : Is fasach an t-aite so, `s tha `n uair a nis air ruith -
|
36 |
Leig air falbh iad, los a dol do na tighean duthcha `s do na bailtean is fhaisge orra gun ceannaich iad biadh dhaibh fhein a dh` itheas iad. -
|
37 |
Agus fhreagair e iad, ag radh: Thugaibh fhein biadh dhaibh ri ithe. Is thuirt iad ris: An rachamaid a cheannach luach da chiad sgilinn de dh` aran a bheir sinn dhaibh ri ithe? -
|
38 |
Is thuirt e riutha: Co miad bonnach-arain a thagaibh? siubhlaibh a dh` fhaicinn. Agus nuair a fhuair iad mach, thuirt iad: Coig, `s da iasg. -
|
39 |
Agus dh` orduich e dhaibh a thoirt orra suidhe uile nam buidhnean air an fhiar ghorm. -
|
40 |
Is shuidh iad sios `nan cuideachdan chiadan agus leth-chiadan. -
|
41 |
`Sa glacadh na coig bonnaich-arain, `s an da iasg, `s ag amharc suas gu neamh, bheannaich e, is bhrist e na bonnaich, agus thug e iad dha dheisciopuil, gus an cur air am bialaobh; agus roinn e an da iasg orra uile. -
|
42 |
Is dhith iad uile, agus riaraicheadh iad. -
|
43 |
Is thog iad lan da chliabh dhiag de spruileach, `s de dhiasg. -
|
44 |
Agus b` e aireamh na feadhnach, a dh` ith, coig mile fear. -
|
45 |
`S air ball thug e air a dheisciopuil a dhol a stigh do bhata, gus iad a dhol roimhe thar a chaol gu Bethsaida, fhad `sa bhiodh e fhein a sgaoileadh an t-sluaigh. -
|
46 |
Agus nuair a sgaoil e iad, chaidh e suas do bheinn a ghabhail urnaigh. -
|
47 |
`S nuair a bha an t-anmoch ann bha am bata am miadhon na fairge, agus esan leis fhein air tir. -
|
48 |
`Sa faicinn gun robh iad air an sarachadh ag iomradh (oir bha ghaoth nan aghaidh), thainig e mun cheathramh faire den oidhche gan ionnsuidh, a coiseachd air a mhuir; agus bha toil aige dhol seachad orra. -
|
49 |
Ach iadsan ga fhaicinn a coiseachd air a mhuir, shaoil iad gur e manadh a bh`ann, agus glaodh iad. -
|
50 |
Oir chunnaic iad uile e, agus gabh iad eagal mor. Agus ghrad-labhair e, is thuirt e riutha: Biodh misneach agaibh: Is mise thann, na biodh eagal oirbh. -
|
51 |
Agus chaidh e dhan bhata comhla riutha, agus laidh a ghaoth. Agus bha uamhas mhor orra. -
|
52 |
Oir cha do thuig iad mu na bonnaich-arain: oir bha an cridhe air a chruadhachadh. -
|
53 |
Agus nuair dh` aisig iad thairis, thainig iad gu talamh Ghenesareth, is tharruinn iad gu tir. -
|
54 |
`S nuair thainig iad as a bhata, dh` aithnich iad e san uair: -
|
55 |
Sa ruith feadh na duthcha sin uile, thoisich iad air an fheadhainn a bha tinn a ghiulan mun cuairt air leabaidhean far an cuala iad esan a bhith. -
|
56 |
Agus aite sam bith air an tadhaladh e air cathraichean, bailtean no duthaich, bha iad a cur nan daoine tinn air na straidean, `s a guid` air gum faodadh iad a mhain beantuinn do dh`iomall aodaich: `sa mhiad `s bhean dha, rinneadh slan iad. -
|