Scots Gaelic Bible

Mark 9

Mark

Return to Index

Chapter 10

1


 

  `S ag eirigh as a sin, thainig e gu criochan Iuda air taobh thall Iordain; agus chruinnich sluagh a rithist ga ionnsuidh; agus mar a b` abhuist dha, theagaisg e rithist iad.  

 

 

-

2


 

  `S na Phairisich a tighinn ga ionnsuidh, dh` fharraid iad dheth: Bheil e laghail do dhuine a bhean a chur air falbh? `s iad ga bhuaireadh.  

 

 

-

3


 

  Ach esan a freagairt, thuirt e riutha: Ciod a dh` aithn Maois oirbh?  

 

 

-

4


 

  Thuirt iad: Thug Maois cead litir-dhealachaidh a sgriobhadh, `s a cur air falbh.  

 

 

-

5


 

  Thuirt Iosa gam freagairt : `S ann air son cruas ur cridhe a sgriobh e dhuibh an reachd so.  

 

 

-

6


 

  Ach bho thus a chruthachaidh rinn Dia iad firionn is boirionn.  

 

 

-

7


 

  Air son so fagaidh duine athair agus a mhathair, is dluth-leanaidh e ri mhnaoi;  

 

 

-

8


 

  Agus bithidh an dithis nan aon fheoil. As leth sin cha dithis iad a nis, ach aon fheoil.  

 

 

-

9


 

  An ni ma ta a cheangail Dia, na fuasgladh duine.  

 

 

-

10


 

  Agus anns an tigh chuir a dheisciopuil ceisd air a rithist mun ni chiadna.  

 

 

-

11


 

  Is thuirt e riutha: Co sam bith a chuireas air falbh a bhean, `sa phosas te eile, tha e dianamh adhaltrais na h-aghaidh.  

 

 

-

12


 

  `S ma chuireas bean air falbh a fear, `s fear eile phosadh, tha i dianamh adhaltrais.  

 

 

-

13


 

  Agus thug iad clann bheag ga ionnsuidh, los gum beanadh e dhaibh. Is bha na deisciopuil a maoitheadh air an fheadhainn a bha gan toirt uige.  

 

 

-

14


 

  Nuair a chunnaic Iosa iad, ghabh e gu h-olc e, is thuirt e riutha: Leigibh le cloinn bhig tighinn gam ionnsuidh, agus na bacaibh iad: `s gur ann dhan leithidean a bhuineas rioghachd Dhe:  

 

 

-

15


 

  Gu deimhinn tha mi gradh ribh: Co sam bith nach glac rioghachd Dhe mar leanabh beag, nach teid e a stigh innte.  

 

 

-

16


 

  Is ghlac e `na uchd iad, `s a cur a lamhan orra, bheannaich e iad.  

 

 

-

17


 

  `S nuair a dh` fhalbh e mach air a thurus, thainig duine araid `na ruith, `sa dol air a ghluinean air a bhialaobh, dh` fharraid e dheth, ag radh: A Mhaighistir mhath, ciod a ni mi gus a bheatha shiorruidh a chosnadh?  

 

 

-

18


 

  Is thuirt Iosa ris: Carson a tha thu cantuinn math riumsa? chan eil aon sam bith math, ach Dia `na aonar.  

 

 

-

19


 

  Is aithne dhut na faintean: Na dian adhaltras: Na dian marbhadh: Na dian goid: Na tog fianuis bhreige : Na dian mealltaireachd. Thoir onair dhad athair is dhad mhathair.  

 

 

-

20


 

  Ach esan a freagairt, thuirt e ris: A Mhaighistir, iad sin uile chum mi bhom oige.  

 

 

-

21


 

  Agus Iosa ag amharc air, thug e gaol dha, is thuirt e ris: Tha aon ni a dhith ort: falbh, reic na bheil agad, agus thoir do na bochdan e, agus bithidh iuntas agad am flathanas; is thig, lean mise.  

 

 

-

22


 

  Ach bha duilichinn airesan as leth an fhacail, is dh` fhalbh e gu tuirseach: oir bu duine e aig an robh moran beairteis.  

 

 

-

23


 

  Agus Iosa a coimhead mun cuairt air, thuirt e ri dheisciopuil: Nach duilich do dhuine beartach a dhol a stigh do rioghachd Dhe!  

 

 

-

24


 

  Is ghabh a dheisciopuil ioghnadh a bhriathran. Ach Iosa freagairt a rithist, thuirt e riutha: A chlann bheag, nach duilich dhaibhsan, a chuireas uidh am beartas, dhol a stigh do rioghachd Dhe!  

 

 

-

25


 

  Is fhasa do chamhal dhol tro chno snathaid, na do dhuine beartach a dhol a stigh do rioghachd Dhe.  

 

 

-

26


 

  Is ghabh iad am barrachd ioghnaidh, ag radh ri cheile: Agus co is urrainn a bhith sabhailte?  

 

 

-

27


 

  Agus thuirt Iosa, `s e ag amharc orra: Tha so do-dhiante do dhaoine, ach chan eil do Dhia: oir tha a h-uile ni an comas Dhe.  

 

 

-

28


 

  Agus thoisich Peadar ri radh ris : Seall, dh` fhag sinn a h-uile ni, agus lean sinn thu.  

 

 

-

29


 

  Is thuirt Iosa, `s e freagairt: Gu deimhinn tha mi ag radh ribh: chan eil neach sam bith a dh` fhagas tigh, no braithrean, no peathraichean, no athair, no mathair, no clann, no fearann, as mo lethsa, agus as leth an t-soisgeil,  

 

 

-

30


 

  Nach fhaigh a chiad urad a nis san tim so fhein, tighean, agus braithrean, is peathraichean, is mathraichean, is clann, is fearann, am measg geur- leanmhuinn, agus a bheatha shiorruidh san ath shaoghal.  

 

 

-

31


 

  Ach tha moran air thoiseach a bhitheas air dheireadh, `s air dheireadh a bhitheas air thoiseach.  

 

 

-

32


 

  Agus bha iad air an rathad a dol suas gu Ierusalem; agus dh` imich Iosa rompa, is bha ioghnadh orra; is bha eagal orrasan a bha ga leantuinn. Agus ghabh e rithist na dha dhiag, agus thoisich e ri innse dhaibh na bha dol a thachairt dha.  

 

 

-

33


 

  Seall, tha sinn a dol suas gu Ierusalem, agus liubhrar Mac an duine do na h-ard-shagairt, `s do na Sgriobhaich, `s do na seanairean, agus ditidh iad e gu bas, agus bheir iad seachad do na cinnich e;  

 

 

-

34


 

  Is ni iad fanaid air, agus caithidh iad smugaidean air, agus sgiursaidh iad e; agus marbhaidh iad e, agus eiridh e air an treas latha.  

 

 

-

35


 

  Is thainig Seumas agus Eoin, mic Shebede, ga ionnsuidh, ag radh: A Mhaighistir, is aill leinn gun dian thu dhuinn ni sam bith a dh` iarras sinn.  

 

 

-

36


 

  Ach thuirt esan riutha: Ciod is aill leibh mi dhianamh dhuibh?  

 

 

-

37


 

  Is thuirt iad: Deonaich dhuinn gun suidh sinn, fear againn air do laimh dheis `s am fear eile air do laimh chli, nad ghloir.  

 

 

-

38


 

  Is thuirt Iosa riutha: Chan eil fhios agaibh de tha sibh ag iarraidh. An urrainn dhuibh a chailis ol, a tha mise dol a dhol, no bhith air ur baisteadh leis a bhaisteadh leis a bheil mise rim bhaisteadh?  

 

 

-

39


 

  Is thuirt iad ris: Is urrainn dhuinn. Is thuirt Iosa riutha: Olaidh sibh gu dearbh a chailis, a tha mise dol a dh` ol; agus baistear sibh leis a bhaisteadh leis a bheil mise rim bhaisteadh  

 

 

-

40


 

  Ach suidhe air mo laimh dheis, no air mo laimh chli, cha leamsa gu thoirt dhuibh, ach dhaibhsan dhan deach uimheamachadh.  

 

 

-

41


 

  Is nuair a chuala an deichnar so, thoisich iad ri bhith diumbach de Sheumas `s de Eoin.  

 

 

-

42


 

  Ach Iosa gan gairm, thuirt e riutha: Is aithne dhuibh gum bheil acasan, air a bheileas a coimhead mar riaghladairean air na cinnich, ard-thighearnas orra, `s gum bheil cumhachd aig am prionnsaichean thairis orra.  

 

 

-

43


 

  Ach chan ann mar sin a bhios nar measgsa: ach co sam bith leis am miann a bhith air thoiseach `nur measg, bithidh e `na fhear frithealaidh dhuibh.  

 

 

-

44


 

  Is co sam bith leis an aill a bhith air thoiseach `nur measg, bithidh e `na sheirbhiseach agaibh uile.  

 

 

-

45


 

  Oir cha tainig Mac an duine e fhein los gun diante frithealadh dha, ach gu frithealadh, `s gus a bheatha leigeil sios `na h-eirig air son mhorain.  

 

 

-

46


 

  Agus rainig iad Iericho; `s nuair bha esan `sa dheisciopuil agus cuideachda ro-mhor a falbh, bh` an dall Bartimeus, mac Thimeiuis `na shuidhe ri taobh an rathaid, ag iarraidh deirce.  

 

 

-

47


 

  `S nuair chuala e gur e Iosa bho Nasareth a bh`ann, thoisich e ri glaodhach `s ri radh: Iosa, a Mhic Dhaibhidh, dian trocair orm.  

 

 

-

48


 

  Is mhaoith moran air, fiach am biodh e samhach. Ach `sann bu mhua gu mor a ghlaodh e: A Mhic Dhaibhidh, dian trocair orm.  

 

 

-

49


 

  Agus sheas Iosa, is dh` orduich e a ghairm. Agus ghairm iad an dall, a cantuinn ris: Biodh misneachd agad: eirich, tha e gad iarraidh.  

 

 

-

50


 

  `Sa tilgeadh bhuaithe fhalluinne, thainig e `na leum ga ionnsuidh.  

 

 

-

51


 

  Agus Iosa a freagairt, thuirt e ris: Ciod is aill leat mi dhianamh dhut? Is thuirt an dall ris : A Rabboni, gum faic mi.  

 

 

-

52


 

  Is thuirt Iosa ris: Falbh, rinn do chreideamh slan thu. Agus sa cheart uair chunnaic e, is lean e e air an t-slighe.  

 

 

-

Mark 11

 

 

 

 

HTMLBible Software - Public Domain Software by johnhurt.com

 


Other Items are Available At These Sites: