Scots Gaelic Bible

Mark 14

Mark

Return to Index

Chapter 15

1


 

  Agus cho luath sa bha mhaduinn ann, chuir na h-ard-shagairt, `s na seannairean `s na Sgriobhaich, `sa chomhairle uile, an comhairle ri cheile, agus cheangail iad Iosa, agus thug iad leo e, agus liubhair iad e do Philat.  

 

 

-

2


 

  Is dh` fharraid Pilat dheth: An tu Righ nan Iudhach? Agus Iosa a freagairt, thuirt e ris: Tha thu ga radh.  

 

 

-

3


 

  Agus bha na h-ard-shagairt a cur iomadh cuis as a leth.  

 

 

-

4


 

  Is dh` fharraid Pilat a rithist dheth, ag radh: Nach toir thu freagairt sam bith? seall a liuthad ni tha iad a cur nad aghaidh.  

 

 

-

5


 

  Ach cha do fhreagair Iosa tuilleadh, air sheol `s gun do ghabh Pilat ioghnadh.  

 

 

-

6


 

  A nis air latha na feille b` abhuist dha leigeil mu sgaoil dhaibh aon sam bith dhe na priosanaich, a dh` iarradh iad.  

 

 

-

7


 

  Agus bha fear ann, dham b`ainm Barabbas, a chuireadh am priosan comhla ri luchd-ceannairc, agus a bha air murt a dhianamh ann an ceannairc.  

 

 

-

8


 

  Agus nuair a dhirich an sluagh suas, thosich iad ri iarraidh air, e dheanamh dhaibh mar a chleachd e.  

 

 

-

9


 

  Agus fhreagair Pilat iad, `s thuirt e: An aill leibh gun leig mi as dhuibh righ nan Iudhach?  

 

 

-

10


 

  Oir bha fios aige gum b` ann tromh fharmad a liubhair na h-ard-shagairt seachad e.  

 

 

-

11


 

  Ach bhrosnaich na h-ard-shagairt an sluagh, gun leigeadh e Barabbas mu sgaoil dhaibh mar raghainn.  

 

 

-

12


 

  Agus fhreagair Pilat a rithist, is thuirt e riutha: Ciod ma ta is aill leibh mi dhianamh ri righ nan Iudhach?  

 

 

-

13


 

  Ach ghlaodh iad a rithist: Ceus e.  

 

 

-

14


 

  Is thuirt Pilat riutha: Ciod an t-olc a rinn e? Ach sann is mua ghlaodh iad: Ceus e.  

 

 

-

15


 

  Agus bho na bha Pilat deonach an sluagh a thoileachadh, leig e Barabbas mu sgaoil dhaibh, `s an deigh Iosa sgiursadh, thug e seachad e, gus a cheusadh.  

 

 

-

16


 

  Ach thug na saighdearan leo e a stigh gu cuairt an uachdrain, (ris an canar am Praetorium), is ghairm iad am buidheann uile.  

 

 

-

17


 

  Agus dh` eid iad e le purpur, `sa fighe crun dreighinn chuir iad air e.  

 

 

-

18


 

  Agus thoisich iad air furan a chur air, ag radh: Failt, a righ nan Iudhach.  

 

 

-

19


 

  Is bhuail iad a cheann le cuilc; agus thilg iad smugaidean air, `sa lubadh an glun, thug iad aoradh dha.  

 

 

-

20


 

  Agus an deigh dhaibh magadh air, thug iad dheth am purpur, is chuir iad aodach fhein air, agus thug iad leo e gus a cheusadh.  

 

 

-

21


 

  Agus rug iad air fear a bha dol seachad, Simon bho Chirene, athair Alastair agus Rufuis, a bha tighinn as an duthaich, agus thug iad air a chrois a ghiulan.  

 

 

-

22


 

  Agus thug iad e gu aite ris an canar Golgotha, se sin air eadar-theangachadh, aite Chalbhari.  

 

 

-

23


 

  Agus thug iad dha ri ol fion measgte le mirr; agus cha do ghabh e e.  

 

 

-

24


 

  Agus air dhaibh a cheusadh, roinn iad aodach, a tilgeadh chrann air, fiach de a gheibheadh gach aon.  

 

 

-

25


 

  Agus bi an treasamh uair a bh` ann, agus cheus iad e.  

 

 

-

26


 

  `S bha chuis-dhitidh sgriobhte os a chionn: RIGH NAN IUDHACH.  

 

 

-

27


 

  Agus cheus iad da mheirleach comhla ris, fear air a laimh dheis, is fear air a laimh chli.  

 

 

-

28


 

  Agus choimhlionadh an sgriobtur, a tha ag radh: Agus bha e air a mheas am measg nan eucorach.  

 

 

-

29


 

  Agus thug iadsan a bha dol seachad toibheum dha, a crathadh an cinn, `s ag radh: O thusa, a 1eagas an teampull, `sa thogas e rithist ann an tri latha:  

 

 

-

30


 

  Teasraig thu fhein agus thig a nuas bhon chrois.  

 

 

-

31


 

  Mar an ciadna bha na h-ard-shagairt a magadh air, agus maille ris na Sgriobhaich a cantuinn ri cheile: Shabhail e feadhainn eile, e fhein chan urrainn e shabhaladh.  

 

 

-

32


 

  Thigeadh Criosda righ Israil a nuas a nis bhon chrois, chum gum faic agus gun creid sinn. Is rinn iadsan, a cheusadh maille ris, taire air.  

 

 

-

33


 

  `S nuair a thainig an t-siathamh uair, bha dorchadas air an talamh gus an naoitheamh uair.  

 

 

-

34


 

  Agus aig an naoitheamh uair dh` eigh Iosa le guth ard, ag radh: Eloi, Eloi, lamma sabacthani? se sin air eadar-theangachadh: Mo Dhia, mo Dhia, carson a threig thu mi?  

 

 

-

35


 

  Agus thuirt cuid den fheadhainn a bha `nan seasamh mun cuairt, nuair a chual iad e: Seall, tha e gairm Eliais.  

 

 

-

36


 

  Agus ruith fear, `sa lionadh spuing le fion-geur, s ga cur air cuilc thug e dha ri ol ag radh: Leigibh leam, faicemid an tig Elias gus a thoirt a nuas.  

 

 

-

37


 

  Agus Iosa ag eigheach le guth ard, thug e suas an anail.  

 

 

-

38


 

  Agus sthracadh brat an teampuill na dha leth bho bhraighe gu iochdar.  

 

 

-

39


 

  Agus nuair a chunnaic an ceannard-ciad, a bha `na sheasamh mu choinneamh, gun do dh`eug e ag eigheach mar sin, thuirt e: Gu firinneach b`e an duine so Mac Dhe.  

 

 

-

40


 

  Agus bha boirionnaich cuideachd a coimhead air na thachair ach fad as: nam measg bha Mairi Magdalen, agus Mairi mathair Sheumais is lugha is Ioseiph, agus Salome:  

 

 

-

41


 

  A lean e nuair a bha e ann an Galile, `sa fhreasdail air, agus moran bhoirionnach eile, a bh` air direadh gu Ierusalem maille ris.  

 

 

-

42


 

  `S nuair thainig am feasgar, a chionn gum be an t-uidheamachadh a bh` ann, se sin an latha romh `n t-sabaid,  

 

 

-

43


 

  Thainig Ioseph bho Arimatea, comhairleach urramach, aig an robh suil e fhein ri rioghachd Dhe, is chaidh e stigh gu dana go Pilat, agus dh` iarr e corp Iosa.  

 

 

-

44


 

  `S bha ioghnadh air Pilat gun robh e cheana marbh. `Sa gairm a cheannaird-chiad, dh` fharraid e dheth an robh e cheana marbh.  

 

 

-

45


 

  `S nuair fhuair e fios bhon cheannard-chiad, thug e an corp do Ioseph.  

 

 

-

46


 

  Agus cheannaich Ioseph lion-anart, `s ga thoirt a nuas, shuain e san lion-anart e, agus chuir e ann an uaigh e, a bh` air a gearradh as a chraig, agus charaich e clach gu dorus na h-uaighe.  

 

 

-

47


 

  `S bha Mairi Magdalen agus Mairi mathair Ioseiph a gabhail beachd caite an do chuireadh e.  

 

 

-

Mark 16

 

 

 

 

HTMLBible Software - Public Domain Software by johnhurt.com

 


Other Items are Available At These Sites: